This is not a Wikipedia article: It is an individual user's work-in-progress page, and may be incomplete and/or unreliable. For guidance on developing this draft, see Wikipedia:So you made a userspace draft. Find sources: Google (books · news · scholar · free images · WP refs) · FENS · JSTOR · TWL |
Nimíipuu
’S e gnàth-mhuinntir Aimeireagach a tha ann an Nimíipuu ([nimiːpuː]; “Nez Perce” sa Bheurla). Tha iad às na crìochan eadar Washington, Idaho, agus Oregon anns na Stàitean Aonaichte. Tha reservation nan Nimíipuu ann an Idaho.
’S e cànan Sahaptian a tha ann an cànan nan Nimíipuu. Tha an cànan aig nas lugha na ceud daoine san latha an-diugh; tha Beurla aig a h-uile daoine.
Ruaig nan Nimíipuu
editRi 19mh linn, thàinig tuinichean geala do dùthaich nan Nimíipuu. Bha feadhainn ag iarraidh tuathanas a dhèanamh air an talamh torramh agus bha duine eile ag iarraidh oir a thochladh. Cha robh an ùghdarras phoblach a’ cur casaid às leth na tuinichean a rinn eucoir air na Nimíipuu. Ann an 1877, thionndaidh corra dhuine òga Nimíipuu gu ainneart, muirt nan càirdean a dhìoghladh air an nàimhdean. Thàinig air 750 Nimíipuu a theich. Rinn iad corr math is mìle mìltean, tro Idaho, Wyoming, agus Montana; bha aca a shabaid ris an armailt gu tric, aig White Bird Canyon, Camas Meadows, agus am Big Hole. Bha iad ag iarraidh a fhuireach còmhla ris na Apsáalooke (“Crow” sa Bheurla), gnàth-mhuinntir Montana, ach cha b’ urrainn dhaibh oir bha feagal air na Apsáalooke ro peanas na ùghdarras Aimeireagach. Lorg na fògarraich Nimíipuu tèarmann còmhla ri Sitting Bull agus na Lakȟóta (“Sioux” sa Bheurla) ann an Canada, ach chaill iad Blàr Mhonaidh Bear Paw faisg air a' chrìoch Canadach. Theich White Bird, ceann-feachd Nimíipuu, agus feadhainn eile do Canada an dèidh sin, ach ghèill na cinn-fheachd eile don seanarail Aimeireagach, Nelson A. Miles. Tha an òraid liubhairt a rinn aonar dhiubh, Chief Joseph, ainmeil fhathast.
Ged a gheall an seanarail gum b’ urrainn don Nimíipuu tilleadh don dùthaich aca, cha do leig an ùghdarras Aimeireagach. B’ fheudar dhen Nimíipuu a fhuireach ann an Oklahoma; chaochail mòran duine leis an acras is an galar.
References
editExternal links
edit